Mill a h-Uile Rud
3
- Wyświetlenia: 608
- Profil utworzony: October 2006
- bebo.gazeta.pl/millahuilerud
- Gatunek:
- Wytwórnia:
- Clàran Droch Shuil, Problem? Records Wytwórnia niezależna
- Miasto:
- Seattle Stany Zjednoczone
- Ja, o mnie i jeszcze raz ja
- 'S e còmhlan-ciùil punc à Seattle a th' annainn a chaidh a chur air bhog ann an 2003. Tha triùir againn anns a’ chòmhlan: Tim (guth agus giotàr), Sgrios (guth agus beus) agus Sìne (na drumaichean). Thòisich Sìne agus Tim ag ionnsachadh na Gàidhlig nuair a bha iad a’ fuireach ann an Dùn Èideann. Nis, tha sinn a' fuireach a-null 's a-nall eadar Seattle agus an t-Eilean Sgitheanach.
Tha na h-òrain againn mu dheidhinn feise mar as trice, coltach ris a’ bhàrdachd aig Alasdair Mac Maighstir Alasdair. Dh'fhoillsich sinn CD ann an 2004 agus tha sinn air dà chlàr cruinneachaidh le Oi Polloi, Nad Aislingean agus Atomgevitter. Tha na h-òrain againn air fad 'sa Ghàidhlig.
Rinn sinn turasan air feadh nan Stàitean Aonaichte agus cuideachd ann an Alba agus anns an Roinn Eòrpa. Chluich sinn ann an Seòrnabhagh, Dùn Èideann agus Glaschu. Rinn sinn cuirm-chùil bheò air Rapal air BBC Radio nan Gaidheal agus bha prògram TBh mu ar deidhinn air a chrann-sgaoileadh anns an t-sreath, Ealtainn.
zamknij Blog
-
Òran Sabaid Sabhal Mòr Ostaig!
le Mill a h-Uile Rud, 2005
'S ann aig Beurla a th' an t-airgead,
'S ann aig Beurla a th' an taic,
Ach ‘s ann aig Gàidhlig a tha SMO!
Gheibh sinn buaidh orra, nach faigh!
Dèan sabaid, (x3) SMO!
Nach eil sinn gleusda sa leabaidh,
'S dhan taigh-seinnse luath fhèin,
Nach eil sinn slaodach aig a h-uile càil eile,
Ach nì sinn sa Ghàidhlig e, nach dèan!
Abair sgioba aig an t-Sabhal Mhòr,
Abair colaiste air leth,
Abair oileanaich snasail ‘s ghlic,
Ach ‘s e ar latha a th’ ann, nach e!
Nòta: dèan cinnteach gu bheil thu a’ seinn “dèan sabaid” ann an àite “dèan sàbaid” air an t-sèist. Ged a tha e math a’ dol dhan eaglais gu cinnt, chan e sin an rud a tha an t-òran seo a’ moladh.
Chords: (rann) GDCA, GDCA, GDAmC, GCC, (sèist) GACD
0 komentarze 1135 dni
-
Sùil air a' cheud chlàr aig Mill Mill a h-Uile Rud
Murchadh MacLeòid (mmacleod@scotlandonsunday.com)
Scotland on Sunday (4/7/2004)
THA Mill a h-Uile Rud, còmhlan punc Gàidhlig ann an Seattle air a bhi trang am bliadhna. A bharrachd air turas 3,000 mìle, a thug iad gu Los Angeles, tha iad air a' cheud chlàr a chuir a mach, gheibhear anns na Stàitean e agus an còmhlan a' feuchainn ri companaidh sgaoilidh fhaighinn dhith anns an Roinn-Eòrpa.
Is math as fhiach èisdeachd ris. Ach seo rabhadh: chan e Calum Ceannadach a tha seo air chor sam bith. Tha an ceòl seo gad bhualadh. Tha e luath, tha e cruaidh, agus tha e làidir. Seo ceòl far a bheil na freumhaichean punc nas treise seach na freumhaichean Gaidhealach. Seo punc, sgioba a tha làn faireachdainn, le ceòl a tha a' seachnadh gleansa a' ghnìomhachais.
Tha sia òrain air a' chlàr, agus chualas a' cheud fhear mar-thà ann an Alba air Radio nan Gaidheal. Sin, 'Dè Mu Dheidhinn' 'siad a' cheud òran agus a' chòigeamh òran 'Mill a h-Uile Rud' an fheadhainn as fheàrr air a' chlàr. Chan eil sin ag ràdh gu bheil an fheadhainn eile lag, ach dìreach gu bheil na dhà as fheàrr am measg na h-òrain ùra Gàidhlig as fheàrr a chula mise ann an ùine mhòr. Ged a tha barrachd ciùil Ghàidhlig ri fhaighinn a nis, 'se faireachainn air leth a th'ann a bhi ag èisdeachd ri ceòl ùr nad chànain fhèin, gu h-àraid agus iad a’ feuchainn nòs nach cluinnear gu tric am measg nan Gaidheal.
Gu fortanach, tha Mill a h-Uile Rud air a' mhearachd cumanta a sheachnadh far am bheil còmhlain-ciùil a' smaoineachadh gun fheum iad gach diog de chlàr 74 mionaid a lìonadh.
'Se a tha a' tachairt gu bitheanta gu bheil ceithear òrain as fhiach aig a' char as mò, agus chan fhiach an fheadhainn eile. Chan eil air a' chlàr seo ach sia puirt, ach chan eil gin dhiubh nach fhiach. 'Se seo fuaim còmhlan nach eil buileach abaich fhathast. Chòrdadh e riumsa a bhi a' cluinntinn rud bhuapa nach biodh buileach cho luath neo cho cruaidh gus dearbhadh gu bheil iad comasach air fuaimean eile a chuir a mach.
Coltach ri iomadh còmhlan punc eile, tha e follaiseach gu bheil an fheadhainn seo a’ feuchainn ri uamhas a chuir air daoine le cuid de na cuspairean is facail a thathas a’ cur dha na h-òrain aca. ‘Se na h-ainmean a th’air cuid de na h-òrain eile, ‘Spàrr nad Thòin E’ agus ‘Feis-Feise’.
Tha aon de na h-òrain a’ bruidhinn mu dheidhinn drugaichean. Tha ùine bho shaoileadh daoine dad sam bith mu dheidhinn cuspairean mar sin ann am port Bheurla.
Chan ann tric a chluinnear an leithid ann an cànan nan naomh is nam bard. Ach tha fios gu bheil an leithid a’ dol air adhart anns na sgìrean againn. Chan eil càil a mhath dhuinn feuchainn ri bhi a’ smaoineachadh gu bheil sinn ann an saoghal nach eil an diugh idir ann.
Anns na linntean a chaidh seachad dh’fhàs iad ainmeil a bha seinn mu dheidhinn cùisean mar a bha iad an àite a bhi a’ feuchainn ri ràdh gun robh cùisean ceart gu leòr a dh’aindeoin is gun robh an saoghal aca ga spionadh as a’ chèile.
Dìreach mar còmhlain punc anns an fharsuingeachd, cluinnear tòrr fearg air a’ chlàr seo. Thathas a’ bruidhinn mu dheidhinn ùpraid a bhi anns na sràidean, a bheil feum ann an obair, dè tha e a’ ciallachadh a bhi a’ deanamh rud anns an t-saoghal seo co-dhiù.
Tha fios gur e ceòl a th’ann, tha fios gur e punc a th’ann, tha fios gu bheil e a’ còrdadh ri Gaidheil òga. Ach ‘se a’ cheist an e pàirt de’n dualchas Gaidhealach a th’ann an rud a rinneadh anns na Stàitean Aonaichte ged a thathas a’ cleachdadh ar cànan?
Saoilidh mise gur e pàirt de’n dualchas a bhios ann fhathast. Bha sinn a riamh beagan na b’ eadar-dhealaichte nar measg fhèin na bha feadhainn againn son gabhail ris. Tha linntinn bho bha Gaidheil a rugadh ann an coilltean an iar a’ deanamh bàrdachd ann an cainnt a bhuineadh do dhùthaich nach iad fhèin neo am pàrantan a riamh.
Cha do thogadh Eduard Dwelly le Gàidh0 komentarze 1147 dni
-
An dà chòmhlan 'punc' a tha a' seinn sa Ghàidhlig (19/3/2005)
An dà chòmhlan 'punc' a tha a' seinn sa Ghàidhlig
SEONAIDH MACÀDHAIMH
The Scotsman
THA dà chòmhlan chiùil "punc" a sheinneas sa Ghàidhlig an impis cuairt a thoirt dhan Roinn Eòrpa - a’ Bheilg, an Òlaind, a’ Ghearmailt ’s a’ Phòlainn. Nochd clàir bhon dà chuid Oi Polloi agus Mill a h-Uile Rud san dà bhliadhna sa chaidh, anns an robh a’ Ghàidhlig air a cleachdadh ann am faclan nan òran, notaichean a’ chòmhdaich agus air an làraich-lìn.
B’e ainm a’ chlàir aig Oi Polloi Carson? agus siud a’ cheist a bh’ agam dhan t-seinneadair, Alasdair MacChoinnich. "Thòisich sinn ri seinn ann an Gàidhlig bliadhna no dhà air ais oir bha sinn a’ smaoineachadh gun robh e gu math cudromach ar cànan a chur gu feum ’nar cuid chiùil oir bha sinn riamh air son taic ’s brosnachadh a thoirt do mhion-chultaran oir se rud math agus prìseil a th’ ann an iomadachd."
Chan e dìreach an ceòl luath, neartmhor, beothail a tha gan sgaradh bho chàch ach na tha iad ag ràdh. Tha faclan MaHR gu mòr a’ deiligeadh ri feise. Chan eil càil as ùr ann a-seo, tha gu leòr bàrdachd aig na Gaidhil a tha ’n dà chuid àrsaidh ’s drabasta. Ach car son? Se Tim, a bhuineas do Sheattle, seinneadair MaHR. "Tha sinn beò ann an cultar a tha fhathast làn eagail ’s nàire a-thaobh feise. Tha e doirbh smaoineachadh air rud cho bunaiteach, cudromach ri saorsa-feise. Tha mi an dòchas gum bi latha ann nuair nach eil e iongantach a bhith a’ seinn mu dheidhinn feise."
Fad bliadhnaichean tha cuid againn air a bhith den bheachd gu bheil Runrig ùr a dhith oirnn. Ach chan ann ás a’ Ghaidhealtachd a tha iad seo ach á Dùn Èideann ’s Ameireaga. Mur i a’ Ghàidhlig cànan am màthar car son a tha iad ga cleachdadh? Tim a-rithist. "An uair a dh’ionnsaich sinn Gàidhlig, chuir sinn còmhlan Gàidhlig air dòigh gun a bhith smaoineachadh gur e rud àraidh no neònach a bh’ ann idir. Tha e fada nas spòrsaile bhith seinn sa Ghàidhlig ’s tha a’ phlanaid loma-làn chòmhlanan-ciùil Beurla."
Dè bu mhath le Tim cluinntinn ’nar cànan? Leithid Iain Lom ann an dreach as ùr? "Tha feum againn air barrachd ciùil ùir. Is dòcha gun obraicheadh hip hop gu math le cho cudromach ’s a tha bàrdachd ann an saoghal na Gàidhlig."
Tha Niall Iain Dòmhnallach, prìomh ghuth a’ phrògram rèidio Rapal, dèidheil air ceòl punc na Gàidhlig cuideachd. Chan ann air lùths a’ chiùil a-mhàin a tha e measail ach onarachd nam facal. "Is toil leam cumhachd na h-òrain ’s gu bheil iad, anns a’ chumantas, air an clàradh ann an dòigh robach, amh, agus gu bheil e follaiseach gu bheil iad a’ faireachdainn a h-uile facal a bhios iad a’ seinn."
Cha mhotha gu bheil Niall Iain frionasach mu bhrìgh nam facal aig MaHR. "Chan eil e a’ cur dragh sam bith ormsa g’eil iad a’ seinn mu feise ’s poileataigs. Se rud nàdarrach a th’ ann am feise - tha sinn an-seo air a sgàths! ’S bha còmhlain riamh a’ seinn mu poileataigs!
"Tha an cothrom aig còmhlain ùra Gàidhlig mar na dhà seo a bhith gu math cudromach ann an saoghal nan Gaidheal. Tha an t-uabhas de dh’òrain ’s ceòl Gàidhlig a’ nochdadh ann an stoidhle tradiseanta ’s chaidh a’ mhòrchuid dheth a sgrìobhadh bho chionn bliadhnaichean! Ged se dualchas luachmhor a th’ anns na h-òrain sin car son nach fhaod daoine a bhith a’ clàradh òrain Gàidhlig ùr ann an cruth pop, reggae, indie, punc-roc neo rud sam bith eile?"
Tha MacChoinnich a’ coimeas cor nan Cuimreach. "Tha an t-uabhas chòmhlain-ciùil roc acasan a tha a’ seinn sa Chuimris. Tha feadhainn ac’ air a bhith gu math soirbheachail."
Dh’fhaighnich mi do Niall Iain car son nach eil òigridh nan eilean a’ dèanamh càil an-diugh coltach ri Oi Polloi, MaHR no eadhon Runrig. "Se ceist dhuilich a tha sin. Tha mi fhèin den bheachd gur e as coireach nach eil còmhlain ann a leanas iad mar eisimpleirean. Tha feum ac’ air role models. Math0 komentarze 1147 dni
zamknij Utwory
- Steòrnabhadh Dodaj do listy odtwarzania
- Oran Sabaid Sabhal Mòr Ostaig Dodaj do listy odtwarzania
- Dè mu a Dheidhinn Dodaj do listy odtwarzania
- Mill a h-Uile Rud Dodaj do listy odtwarzania
- Spàrr nad Thòn E Dodaj do listy odtwarzania
- Air an Achadh Bhàn Dodaj do listy odtwarzania
- demuadheidhinn.mp3 Dodaj do listy odtwarzania

















no fiona. ...............punc
lol carwyn se punk a th'ann chan e punc
còmhlan-ciùil punc as fhearr leam!!!!!
Uaslódálfar closáin agus físeáin roimh i bhad.
As Béarla i dtosach...agus Gaeilge níos moille.
cool i might have to start to learn the language
sorry i dont speak gaelic
but your music still rocks!
i actually love your music! Amazing!
tapadh leat 'son 'tighinn air ais dhomh,
a'dhaithghearr!
bidh mi a'cuir 'add' tro air "M'Aite"
tha mi 'n dochas gu' robh Blidhna Ur math dhuibh, bha mise fo tinneas an t-am as motha, bha e sgrothail! nas fhearr an drasd'!
uile as fhearr bhon h-Alba,
Adhamh
(duilich 'son droch Gaidhlig)
agus, seadh, 's mise a-rithist!
dh'eisdeachd mi ri SMO a-nis. anabarrach math. thug mi spors mor bho! barrachd nas anmoiche tha mi smaoineachadh!
Adhamh
o, agus gabhaibh air mo leasgeul,
s'e orain creagach 'is eagalach math a th'ann cuideachd!!!
Adhamh
Alasdair MacMhaistair Alasdair,
uill, bha deagh dan no dha aige gu cinnteach. leughadh uabhasach inntinneach. chunnaic mi am program mu'r deidhinn air an T.bh. de a tha a'bhith air ag radh? cum a'dol leis a'Ghaidhlig!
Saor Alba a'dhaithghearr tha mi 'n dochas!
slan leibh,
Adhamh
roc a-mach gu brath!!!