
Na Gathan <na-gathan>
"Lasanta!"
| Commentaar plaatsen |
| Leabhar-latha an Turais - Glaschu/Steòrnabhagh | 553 dagen geleden | ||
Didòmhnaich 18 An Cèitean 2008Shockers, Sràid Midland, Glaschu - còmhla ri Red Eyes, the Eddies agus Auslander Òrain: Ga Bruidhinn Làn Ùine, Mo Nighean Dubh Bhòidheach, Gus an Tig an Latha, Ruigidh Sinn Màrs, Cò an Sradag a-Nochd?, Ròcamaid. Dh’fhàg sinn madainn Didòmhnaich is chaidh sinn don cholaiste an toiseach airson an stuth ann an oifis Thimidh fhaighinn ach gu mì-fhortanach tha Timidh air fàs cho sean sna làithean sa gun do dhiochuimhnich e iuchair na h-oifis. Doh! Co-dhiù, bhris sinn sìos an doras le ceithir karate kick gathanmhor, thog sinn an t-sionth is an uair sin dh’fhàg sinn an t-eilean gu ceart. An dèidh èisteachd ris na pumpin’ toons (agus beagan Runrig!) air an rathad ràinig sinn a’ Eurohostel tràth san fheasgar is abair gur e ostail fìor ròcmhor a bh’ ann. Ghabh sinn cuairt timcheall a’ bhaile mhòir, coltach ri ceithir hillbillies anns a’ bhaile airson a’ chiad trup, agus an uair sin bha sinn deiseil a RÒCADH.... ACH gu mì-fhortanach cha robh ‘Rockers’. Bha fear an dorais na fhìor gehoink is cha do leig iad leinn fiù ‘s an stuth againn a thoirt a-staigh gus an robh e fhèin sàsaichte. Nuair a fhuair sinn a-staigh aig a’ cheann thall, bha an luchd-obrach a cheart cho càirdeil ‘s a bha an gloic aig an doras. Ach tha sinne cho cruaidh is tuff gun do rinn sinn soundcheck a’ càineadh a h-uile mac màthar dhiubh anns an àite.....ach bha e ann an Gàidhlig is cha robh iad gar tuigsinn so ma dh’fhaoidte nach eil sinn cho tuff sin! Thòisich ar luchd-leantainn a’ sruthadh is a’ dòrtadh a-staigh, a’ bualadh an dorais, a’ sabaid leis a’ bhouncer is a’ sgreuchail “NA GATHAN!! NA GATHAN!! WE WANT NA GATHAN” - well ‘s e sin a rinn Babs co-dhiù! Cha do nochd an t-uabhas feumaidh sinn aideachadh ach an fheadhainn a nochd thàinig iad gar faicinn-ne gun teagamh oir cha do tharraing na còmhlanan eile mòran a-staigh idir. Cha b’ e an gig a b’ fheàrr a chluich Gregidh ach chòrd e math gu leòr le càch. An dèidh cluiche, choimhead sinn na còmhlanan eile agus bha iad glè mhath, ach bha sinne dìreach ag iarraidh faighinn a-mach à ‘Rockers’ agus air falbh o shamh uabhasach na dileig a bha na bhroinn. Chaidh sinn don phub an ath dhoras far an robh iomadh superfan na Gathan a’ feitheamh oirnn, mar Babs, Pinny, Caxy, Alasdair Beag Bìodach, Scottaidh nas Bige nas Bìodaiche agus bha iad gar fìor mholadh ged a bha fios againn fhèin nach e gig uabhasach math a bh’ ann. Aig deireadh na h-oidhche, an dèidh beagan emotional blackmail agus temper tantrums rocmhor bho Ghregidh, (‘s e an cò-là-breith aig Greg còir a bh’ ann is cha robh gin dhe na so-called “pals” spìocach mosach aige son a dhol a-mach còmhla ris, smaoinich!) chaidh Greg is Kathryn is Tomaidh dhan Gharaids (Glasgow's finest, ahem, nitespot) agus shìorraidh nach e a tha fiù ‘s air fàs nas miosa (ma tha sin comasach) na bha e o chionn deich bliadhna - and that’s really saying something. Rinn sinn beagan dannsa (Tòmaidh tilgeil a-mach na shapes grùbhaidh a-rithist) is dh’òl sinn beagan watered-down vodka is cha b’ ann gus an uair sin a bha Gregidh sàsaichte gu robh birthday math air a bhith aige. Rinn sinn air an Eilean Sgitheanach an ath latha agus fios againn nach tèid sinn air ais a Rockers na galla gu sìorraidh bràth. Diardaoin 29 An Cèitean 2008 Rapal TV, ann an Studio Alba, Steòrnabhagh, Eilean brèagha Leòdhais - còmhla ri Calamateur agus Manor Park Elite Òrain: Gus an Tig an Latha, Ruigidh Sinn Màrs, Ga Bruidhinn Làn Ùine, Ròcamaid Nise, cha robh turas Rockers cho math ‘s a dh’fhaodadh e bhith, ach bha an turas seo gu tur eadar-dhealaichte. Dh’fhàg sinn Slèite ann am meadhan na h-oidhche (well, seachd uairean sa mhadainn really, ach caran ro thràth airson Greg), agus rinn sinn air a’ bhàta ann an Ùige, airson an latha as exciting ann an eachdraidh nan Gathan gu ruige seo, a dhol a-null a Steòrnabhagh a chlàradh 4 òrain airson an teilidh! Wowsers! Ràinig sinn BAILE MÒR RÒC mu mheadhan latha is chaidh sinn dhan studio far an d' fhuair sinn, wait for it.... dressing room againn fhèin agus far an do thachair sinn ri Anndra còir agus sgioba Rapal agus fhuair sinn tour timcheall a’ stiudio. Ghabh sinn greim bidh agus an uair sin rinn sinn agallamh beag le Niall Iain a chaidh glè mhath. An dèidh soundcheck, agus dealbh ‘lasanta’ a thogail, bha againn ri dhol dhan studio gu ceart airson a’ spot againn a chlàradh, agus abair thusa gu robh an studio fhèin dìreach a’ coimhead sgoinneil fhèin math. An dèidh false start no dhà, rinn sinn na h-òrain uile ann an aon take cha mhòr agus bha an ceathrar againn gu math toilichte leis na rinn sinn, tha mi an dùil. Nach bochd gum bi againn ri feitheamh gus an ath-bhliadhna airson fhaicinn air an teilidh a-nis. Choimhead sinn na còmhlanan eile agus nach iad a bha dìreach math dha-rìreabh, ged a bha eagal air feadhainn san èisteachd nuair a thòisich Calamateur air òrain car hexy a sheinn mu dheidhinn Ìosa Chrìosd! Agus chan eil mòran as urrainn dhut a ràdh mu dheidhinn Manor Park Elite ach gu robh iad ridiculously math. Gu mì-fhortanach, fhad ‘s a bha iad a’ coimhead na còmhlanan eile chuir Greg is Kathryn crìoch air bocsa fìon eatarra fhèin a dh’fhàg cuideigin gòrach sa dressing room aca, agus bha a h-uile duine an uair sin deiseil a dhol air splaoid air baile mòr Steòrnabhaigh. Chaidh sinn uile còmhla ri Marie dhan ‘Open Mic Night’ ann an MacNeill’s ach cho luath ‘s a chaidh sinn ann dh’fheumadh MacNeill’s ainm na h-oidhche aca atharrachadh gu h-oifigeil gu ‘Kathryn’s Mic Night’ oir bha e follaiseach nach faigheadh duine sam bith eile greim air a’ mhicrophone bhon uair sin! Ach nach i bha math agus bha an luchd-èisteachd dìreach air an glacadh leatha, eadar an t-seinn agus na stinkbombs!! Mar fhìor rocairean chum Marie is Kathryn is Greg orra ag òl is a’ seinn gu còig uairean sa mhadainn aig flat Mharie - tha mi cinnteach gu robh na nàbaidhean aig Marie dìreach air an dòigh fhèin leatha an ath latha. Dh’fuiling Greg is Kathryn ròc hangover na galla an ath latha mar bu chòir ach chum Timidh is Tòmaidh iad a’ dol fad an latha leis na h-òraidean aca air poileasaidh cànain is a leithid - an dearbh rud a tha dhìth air cuideigin a tha gus bàsachadh le ceann goirt! Co-dhiù, dh’fhàg sinn Eilean Leòdhais is thill sinn a dh’Eilean a’ Cheò, agus fadachd air na Gathan uile gus an ath adventure againn...... | |||
| geplaatst door Na Gathan | |||
| Commentaar plaatsen |
Advertentie
