Na Gathan <na-gathan>

"Lasanta!"

Kommentar schreiben

Leabhar-latha an Turais679 Tage her
 
Diardaoin, 31 Am Faoilleach 2008
Spirit Bar, Glaschu, còmhla ri Oi Polloi, Les Ramoneurs de Menhirs, agus Ceasefire
Òrain: Ga Bruidhinn Làn Ùine, Mo Nighean Dubh Bhòidheach, Fali Rò Fali Rè, Ruigidh Sinn Màrs, Cò an Sradag A-Nochd?, Cho Seachd Searbh dhe Na SAA!

Mar a bha na naidheachdan a’ gealltainn thòisich an turas againn le rathaidean fuar sleamhainn a’ gheamhraidh, agus abair thusa gu robh e doirbh, air cùl a’ chuibhle air rathad Chluainidh a’ feuchainn ri smachd a chumail air a’ chàr san t-sneachd fhad ‘s a bha Ruaraidh Atomgevitter ann an cùl a’ chàr a’ bruidhinn gun sgur mu dheidhinn na h-obscure idols aige bho na 1980s mar Mhìcheal Barrymore, Seumas Saville, Gary Gleansach, agus a’spòg-slaodaidh (wanking claw?) aig Jeremy Beadle, nach maireann! Ach co-dhiù no co-dheth ràinig sinn Glaschu, baile mòr nan Gàidheal, agus an dèidh pinnt no trì bha neart is spionnadh gu leòr againn airson ròcadh a-mach aig a’ chiad chuirm-chiùil againn. Thòisich an set gu math le seann chrowd pleaser, ‘Ga Bruidhinn Làn Ùine’, agus lean sinn oirnn le ‘Mo Nighean Dubh Bhòidheach’ agus Kathryn a’ bualadh nan drumaichean aig astar cho luath ‘s gu robh beagan ceò ri fhaicinn tighinn à corragan Ghreg is e feuchainn ri cumail suas rithe. Thug Tim rabhadh do na puncairean mun ath òran againn, ‘Fali Rò Fali Rè’, oir ‘s e fìor classic power ballad a th’ ann, rudeigin nach còrd ris a’ mhòr chuid dhe phuncairean an latha an-diugh ach chòrd e ris na bha an làthair gu mòr. Chum sinn oirnn le trì òrain ùr againn, ‘Ruigidh Sinn Màrs’, a tha stèidhichte air beatha an t-sàr Ghàidheil sin E.T, ‘Cò an Sradag A-Nochd?’, agus chuir sinn crìoch air an t-set leis an dreach sgoinneil againn dhe ‘I’m So Bored With The USA’ leis a’ Chlash, ‘Cho Seachd Searbh dhe na SAA.!’ - deagh chrìoch air fìor dheagh debut. Agus tha sinn fhathast gu mòr an comain nan Superfans againn a bha an làthair an oidhche sin, a leithid Neacag, Calum a’ Chactus, Donnie P, Babs, JT the Love Machine, Eilidh Bheag, Big Jon, etc. Fhuair Nicola a’ bhròg bhon dreuchd aige mar merchandise girl ge-tà oir bha a’ merchandise fhathast san Eilean Sgitheanach! Chuir Les Ramoneurs de Menhir agus Oi Polloi crìoch air oidhche mhath dha-rìreabh le sets a bha, ann am faclan Deek fhèin, dìreach fuckin sgoinneil.

Dihaoine, 1 An Gearran 2008
East Neuk Bar, Obar Dheathain, còmhla ri Oi Polloi, Les Ramoneurs de Menhirs agus Billy Liar
Òrain: Ga Bruidhinn Làn Ùine, Mo Nighean Dubh Bhòidheach, Ruigidh Sinn Màrs, Cò an Sradag A-Nochd?, Ròcamaid, Cho Seachd Searbh dhe Na SAA!

Dh’fhàg Tim is Tomaidh tràth is iad a’ coinneachadh ri Oi Polloi agus Les Ramoneurs de Menhirs san fheasgair ann an Glaschu agus iad uile a’ siubhail am broinn bhan a’ bhèiceir eadar Glaschu is Obar Dheathain. A rèir coltais bha 18 duine sa bhan agus cha do chuir ach dithis a-mach, cha robh sin cho dona. Dh’aontaich Greg is Kathryn nach do bhuannaich iad na punc ròc stripes aca fhathast agus nach robh iad airidh air cothrom siubhail ann a’ bhan a’ bhèiceir fhathast (aon latha ma dh’fhaoidte), mar sin, thàinig iad dhan cho-dhùnadh doirbh gum b’ fheàrr leotha draibheadh suas ann an càr, a’ suidhe air sèithrichean blàth is cofhurtail, ag èisteachd ris a’ rèidio, etc, - it’s a tough life. Nuair a ràinig sinn uile an East Neuk, mhothaich sinn gur e tough gig a bha romhainn an dèidh set dìreach sgoinneil bho Billy Liar, agus an t-àite dìreach làn phuncairean ceart. Thòisich sinn fhèin a-rithist le ‘Ga Bruidhinn Làn Ùine’ agus ‘Mo Nighean Dubh Bhòidheach’. ‘S ann aig an àm seo a choisich amadan air choireigin à Eilean Leòdhais air an àrd-ùrlar agus e a’ feuchainn ri breith air na làmhan againn fhad ‘s a bha sinn fhathast ann am meadhan a’ set againn! - thuirt cuideigin gur e seann charaid do Ghreg a bh’ ann ach tha Greg fhathast a' dol às àicheadh na casaid thàmailteach sin! An dèidh cuidhteas fhaighinn dhen intruder sin chum sinn oirnn le ‘Ruigidh Sinn Màrs’, Cò an Sradag’, ‘Ròcamaid’ agus ‘Cho Seachd Searbh’. Dh’fhàg sinn ‘Fali Ro’ às an t-set air sàilleabh ‘s gu robh guth Thim a’ fàiligeadh air rud beag is am fuachd ag obair air. Bha coltas air na puncairean gu robh iad a’ fàs na bu dèidheil oirnn, beag air bheag, mar a leanadh sinn oirnn tron t-set agus ‘s e fìor crowd-pleasers a bh’ ann an ‘Cho Seachd Searbh’ agus gu h-àraidh ‘Ròcamaid’ agus aig a’ cheann thall ‘s e gig an ìre mhath soirbheachail a bh’ ann. Thàinig an oidhche gu crìoch le dà set dìreach fucking sgoinneil a-rithist bho Les Ramoneurs.... agus Oi Polloi.

Disathairne, 2 An Gearran 2008
Henry’s Cellar Bar, Dùn Èideann, còmhla ri Oi Polloi, Les Ramoneurs de Menhirs
Òrain: Ga Bruidhinn Làn Ùine, Mo Nighean Dubh Bhòidheach, Ruigidh Sinn Màrs, Cò an Sradag A-Nochd?, Ròcamaid, Cho Seachd Searbh dhe Na SAA!

Ràinig Greg is Kathryn Dùn Èideann mu 3:00 feasgair agus chosg iad fad an fheasgair a’ draibheadh ann an cearcall timcheall Dhùn Èideann le gearbox fucte agus fàileadh annasach a’ tighinn bhon chàr (well, tha mi an dùil gur e an càr is chan ann bho thòin Kathryn fhèin a bha am fàileadh a’ tighinn). Mu dheireadh thall, lorg iad Henry’s Cellar, am falach air Sràid Mhoireasdan. Abair àite sgoinneil airson gig. An dèidh a’ soundcheck as fhaide ann an eachdraidh ceòl ròc leis na Ramoneurs, fhuair sinn fhèin cothrom a’ ròcadh a-mach agus abair gun do chòrd e rinn fhèin agus ris an luchd-èisteachd cuideachd. Bha tòrr friendly faces ann cuideachd airson taic a thoirt dhuinn, mar Aonghas Bhorbh, Eilidh Bheag a-rithist, Ruairidh, Chris, Daz Jazz, agus thug e mòran brosnachadh is togail dhuinn a’ faicinn nan Gàidheal an làthair. Smaoinich Greg gur e seo an gig as fheàrr gun teagamh sam bith, nuair a chluich sinn gu math is a fhuair sinn tòrr air ais bhon luchd-èisteachd sgoinneil. Gig dìreach math dha-rìreabh. Ghabh sinn beagan phinntean agus thog sinn oirnn air ais don Eilean Sgitheanach làn dòchais gun cluich Na Gathan a-rithist air an àrd-ùrlar ann an ùine nach bi fada.
 geschrieben von Na Gathan 

7 Kommentare:

Calum Macaulay hat gesagt...679 Tage her
 
Cò an Leòdhasach a chaidh suas chun àrd-ùrlar?
Spam melden
Nicola Thomson hat gesagt...679 Tage her
 
Oh bha siud sgoinneil agus fìor gu dearbh! 'S math a rinn sibh uile agus 's mi tha duilich mu dheidhinn nan leintean-t! 'S e droch "merch-girl" a bh' unnamsa. Faodaidh sinn an rèic air myspace fhathast ge-tà? Chun an ath thurais ma tha.....
Spam melden
Greg Thomson hat gesagt...679 Tage her
 
Cò eile ach Donaidh Dubh MacAoidh!!
Spam melden
Kathryn Mackay hat gesagt...679 Tage her
 
Oh Man, bha sin cho eibhinn....agus 's e sin direach mar a thachair e. Ged nach robh faileadh sgriosal a' tighinn às mo thòn idir mar a thuairt Greg ach tha mi smaointinn gur e as thòn fhèin a bh' ann. Feumaidh mi radh chaidh an aodaich Primark againn sios gu math le na Puncairean agus bha iad uile cho coibhneil 's a ghabhas........agus mura h-eil fios aig duine sam bith se fior "John Travolta" a th' ann an Tomaidh air an dancefloor!! Abair shapes a bh' aige!!! Turas math ga riribh....
Spam melden
Maggie Mackay hat gesagt...679 Tage her
 
Donaidh Dubh MacAoidh - mo naire! Chan eil cairdeas sam bith aige riums'...
Spam melden
Greg Thomson hat gesagt...679 Tage her
 
Tha mi duilich, Maggie, ach 's e fìor chùis-nàire a tha na do bhràthair bochd!!! Only joking. Bha e cho èibhinn ge-tà, Donnie a' putadh na puncs uile gu aon taobh is a' leum air an àrd ùrlar gus meal-a-naidheachd a chur oirnn agus 5 òrain fhathast againn ri cluich! :L :L :L
Spam melden
A' Chearc hat gesagt...594 Tage her
 
mar a thuirt thu Greg bha an turas direach fuckin' sgoniell!
Spam melden

Kommentar schreiben