
Na Gathan <na-gathan>
"Lasanta!"
| Kommentar schreiben |
| Faclan nan Òran | 676 Tage her | ||
Mo Nighean Dubh BhòidheachLatha bhon dè, bha mise sona, A' cadal ri do thaobh. Latha bhon dè, bha thusa gealltainn, Gun tigeadh tu an-diugh. A' tighinn air an ordaig, Bruis fhiaclan na do phòca, Gum fuirich tu an seo, Gu bràth, gu bràth... He ri re, mo nighean dubh bhòidheach! Sin thu fhèin a' teannadh dhachaigh, Cas-ruisgt' air an tràigh. Sin thu fhèin, do shùilean mòra, Cuaintean mìle bàidh. A' tighinn air an ordaig, Bruis fhiaclan na do phòca, Gum fuirich tu an seo, Gu bràth, gu bràth... He ri re, mo nighean dubh bhòidheach! Thachair mi ri nighean a' togail smeuran taobh an rathaid. Is milis leam do phògan. Gun tilleadh tu an-dràsd'! Fali Ro Fali Re Nam sheasamh aig a' chidhe, Fhad 's a bha an saoghal a' dol glas. Deich latha 's ceithir mìosan, Cha do thill na dathan fhathast. Ciaradh an fheasgair, Tha an solas dheth anns an uinneig. Suas an starain, 's cha robh thu ann, 'S theab mi rànail. Fali ro fali re A' tuiteam às a chèile, Tro thrannsaichean falamh ann am Port Adhair Heathrow, Thàinig tu nad aingeal, Fo chraobhan eucalyptus ann am Port Adhair Santa Rosa. Ruigidh Sinn Màrs Thuirt mi riut gu bheil mi cràicte Mu do dheidhinn is mu do chainnt Nach sgiob sinn sgoil an-diugh an-dràsta Cha tèid sinn ann gu sìorraidh bràth Thoir dhomh do làmh Nì sinn air na speuran Gàidhlig ar cainnt Ruigidh sinn Màrs Thàinig crìoch air ar samhradh Nochd am bàta anns a' bhàigh Dh'fhalbh mi gu saoghal eile Is tu nad aonar air an tràigh Thoir dhomh do làmh Thoir dhomh do làmh Thoir dhomh do làmh Is ruigidh sinn Màrs Cò an Sradag A-nochd? Thig air ais dhachaidh, nighean, tha mi gad iarraidh, An dòigh a nì thu dannsa, chan fhaigh na mo chadal, A-nochd... An darna cuid dona, an cuid eile brèagha, Mì-mhodh na do shùilean gam fhàgail às mo rian, Mar tha... Cò an sradag a-nochd! Is tu a tha! Is tu an aon nighean ann an club làn dannsa, Is tu an aon nighean a shàbhladh m' oidhche, Le gràdh... do ghràdh! Chuir thu seun orm le do phòg mhìn mhilis, Chan fhaca mi an nighean cho àlainn na mo bheatha, Ri seo... Cò an sradag a-nochd! Is tu a tha! Ba, ba, da, ba. Dannsa mar an lasair ann an dreasa bheag dhearg, An dèan sinn ceum eile air an rathad air ais dhachaidh, An-dràsta... Thig air ais dhachaidh, nighean, tha mi gad iarraidh, An dòigh a nì thu dannsa, chan fhaigh na mo chadal, A-nochd... Cò an sradag a-nochd! Is tu a tha! Ga Bruidhinn Làn Ùine Nach eil thu mìorbhaileach, a' cagar ri mo thaobh, Sochair 's tarraingeach mar oiteag anns a' chraobh, A cuireadh sgàth air luchd na Beurla,* Cànan nam bàrd ri chluinntinn anns an t-sràid. Ga bruidhinn làn-ùine! Stad mi aig a' phraban air an rathad gu do thaigh, an dùil ri mo charaidean 's riutsa blàth a-staigh. Abair ùpraid a’s a' bhar! Cànan nam bàrd gu gormadh an latha. Ga bruidhinn làn-ùine! Laigh rium dlùth. Innis dhomh do rùn. Is tu mo charaid 's mo ghaol. Ga bruidhinn làn-ùine! Bidh mo charaidean air fad, Bruidhinn bragail 's gun stad. Tha sinn coma cuin 's càit. Bàs na Gàidhlig thall' ‘s fuc! Chan eil deireadh air an rathad, 's an saoghal mòr fosgailt' ri ar beul! * Loidhne air a ghoid air Iain Lom. Ròcamaid Ceòl cho trom gun spothadh e càmhal, Caraidean tighinn 's caraidean fàgail, Tha an taigh cho trang ri triùir sa leabaidh. Oi Polloi aig cùl a' ghàrraidh, Cuid ri danns' 's cuid ri suirghe, Is math an rud nach tig am poileas. Nach eil mi gleansach? Nach eil thu pògmhor? Bidh sinn nar rionnagan a-nochd! Ròcamaid, he, he, nach danns sinn fad na h-oidhche? Ròcamaid, he, he, nach ròc sinn fad an latha? Fo ghealach mhòr air dath na fala, Oidhche shamhraidh air a' mhachaire, Gheibh sinn ar miann-ne gun nàire. Blas na mara air do phògan, Sàl 's gainmheach air do spògan, Gun lean a' phartaidh seo gu sìorraidh. Cho Seachd Searbh dhe na SAA! leis a' Clash Yankee, ur saighdear Ceusta ann an Irac Ri cogadh airson ola 'S easan anns a' chac Yankee, ur n-airgead Le deachdairean na cruinne Sgillinn dha na pìobairean Gun seinn iad ur fuinn. Cho seachd searbh dhe na SAA! Ach dè an cothrom air? Yankee, ur dìobhairt Daonnan air an T.Bh Cabadaich Ameireaganach Chan fhaighear cuidhteas i. Glaoiceireachd agus amaideas Ur cànan mar a' phlàigh Ur cultar falbh 's sanntach Agus thèid sinn na aghaidh! Gabh ort Starsky Dhan C.I.A. Sin thu Kojak Dha na SAA. Briseadh an Lagh! Le Sagairt Iudais 'S ann a bha mi cho seachd searbh, 'S a' cadal air an t-sràid. Cha robh dùil no dòchas agam, 'S a' siubhail bho àite gu àite. Cinnteach nach robh diù a' choin, Gun robh mi ri uchd bàis. Ceart cho math dhomh beagan spòrs, A ghlacadh na mo latha! Briseadh an lagh, briseadh an lagh! Sin agad na làithean geala, Cha d'fhuair mi dad ach bròn. Bha mo chridhe pronn 's briste, Droch chàs air mo thòir. Chan eil eòlas agad air, Seo nach aithne dhut. Nam àite bhiodh tu cosmhail rium, 'S a' dèanamh an dearbh rud! Briseadh an lagh, briseadh an lagh! Chan eil fios agad air!!! Briseadh an lagh, briseadh an lagh! | |||
| geschrieben von Na Gathan | |||
| Kommentar schreiben |
Werbung
