Mill a h-Uile Rud <millahuilerud>

Post a Comment

Òran Sabaid Sabhal Mòr Ostaig!1123 days ago
 
le Mill a h-Uile Rud, 2005


'S ann aig Beurla a th' an t-airgead,
'S ann aig Beurla a th' an taic,
Ach ‘s ann aig Gàidhlig a tha SMO!
Gheibh sinn buaidh orra, nach faigh!

Dèan sabaid, (x3) SMO!

Nach eil sinn gleusda sa leabaidh,
'S dhan taigh-seinnse luath fhèin,
Nach eil sinn slaodach aig a h-uile càil eile,
Ach nì sinn sa Ghàidhlig e, nach dèan!

Abair sgioba aig an t-Sabhal Mhòr,
Abair colaiste air leth,
Abair oileanaich snasail ‘s ghlic,
Ach ‘s e ar latha a th’ ann, nach e!


Nòta: dèan cinnteach gu bheil thu a’ seinn “dèan sabaid” ann an àite “dèan sàbaid” air an t-sèist. Ged a tha e math a’ dol dhan eaglais gu cinnt, chan e sin an rud a tha an t-òran seo a’ moladh.

Chords: (rann) GDCA, GDCA, GDAmC, GCC, (sèist) GACD
 posted by Mill a h-Uile Rud 

Post a Comment