Mill a h-Uile Rud <millahuilerud>

Escribir un comentario

Sùil air a' cheud chlàr aig Mill Mill a h-Uile Rud1136 días hace
 
Murchadh MacLeòid (mmacleod@scotlandonsunday.com)

Scotland on Sunday (4/7/2004)

THA Mill a h-Uile Rud, còmhlan punc Gàidhlig ann an Seattle air a bhi trang am bliadhna. A bharrachd air turas 3,000 mìle, a thug iad gu Los Angeles, tha iad air a' cheud chlàr a chuir a mach, gheibhear anns na Stàitean e agus an còmhlan a' feuchainn ri companaidh sgaoilidh fhaighinn dhith anns an Roinn-Eòrpa.

Is math as fhiach èisdeachd ris. Ach seo rabhadh: chan e Calum Ceannadach a tha seo air chor sam bith. Tha an ceòl seo gad bhualadh. Tha e luath, tha e cruaidh, agus tha e làidir. Seo ceòl far a bheil na freumhaichean punc nas treise seach na freumhaichean Gaidhealach. Seo punc, sgioba a tha làn faireachdainn, le ceòl a tha a' seachnadh gleansa a' ghnìomhachais.

Tha sia òrain air a' chlàr, agus chualas a' cheud fhear mar-thà ann an Alba air Radio nan Gaidheal. Sin, 'Dè Mu Dheidhinn' 'siad a' cheud òran agus a' chòigeamh òran 'Mill a h-Uile Rud' an fheadhainn as fheàrr air a' chlàr. Chan eil sin ag ràdh gu bheil an fheadhainn eile lag, ach dìreach gu bheil na dhà as fheàrr am measg na h-òrain ùra Gàidhlig as fheàrr a chula mise ann an ùine mhòr. Ged a tha barrachd ciùil Ghàidhlig ri fhaighinn a nis, 'se faireachainn air leth a th'ann a bhi ag èisdeachd ri ceòl ùr nad chànain fhèin, gu h-àraid agus iad a’ feuchainn nòs nach cluinnear gu tric am measg nan Gaidheal.

Gu fortanach, tha Mill a h-Uile Rud air a' mhearachd cumanta a sheachnadh far am bheil còmhlain-ciùil a' smaoineachadh gun fheum iad gach diog de chlàr 74 mionaid a lìonadh.

'Se a tha a' tachairt gu bitheanta gu bheil ceithear òrain as fhiach aig a' char as mò, agus chan fhiach an fheadhainn eile. Chan eil air a' chlàr seo ach sia puirt, ach chan eil gin dhiubh nach fhiach. 'Se seo fuaim còmhlan nach eil buileach abaich fhathast. Chòrdadh e riumsa a bhi a' cluinntinn rud bhuapa nach biodh buileach cho luath neo cho cruaidh gus dearbhadh gu bheil iad comasach air fuaimean eile a chuir a mach.

Coltach ri iomadh còmhlan punc eile, tha e follaiseach gu bheil an fheadhainn seo a’ feuchainn ri uamhas a chuir air daoine le cuid de na cuspairean is facail a thathas a’ cur dha na h-òrain aca. ‘Se na h-ainmean a th’air cuid de na h-òrain eile, ‘Spàrr nad Thòin E’ agus ‘Feis-Feise’.

Tha aon de na h-òrain a’ bruidhinn mu dheidhinn drugaichean. Tha ùine bho shaoileadh daoine dad sam bith mu dheidhinn cuspairean mar sin ann am port Bheurla.

Chan ann tric a chluinnear an leithid ann an cànan nan naomh is nam bard. Ach tha fios gu bheil an leithid a’ dol air adhart anns na sgìrean againn. Chan eil càil a mhath dhuinn feuchainn ri bhi a’ smaoineachadh gu bheil sinn ann an saoghal nach eil an diugh idir ann.

Anns na linntean a chaidh seachad dh’fhàs iad ainmeil a bha seinn mu dheidhinn cùisean mar a bha iad an àite a bhi a’ feuchainn ri ràdh gun robh cùisean ceart gu leòr a dh’aindeoin is gun robh an saoghal aca ga spionadh as a’ chèile.

Dìreach mar còmhlain punc anns an fharsuingeachd, cluinnear tòrr fearg air a’ chlàr seo. Thathas a’ bruidhinn mu dheidhinn ùpraid a bhi anns na sràidean, a bheil feum ann an obair, dè tha e a’ ciallachadh a bhi a’ deanamh rud anns an t-saoghal seo co-dhiù.

Tha fios gur e ceòl a th’ann, tha fios gur e punc a th’ann, tha fios gu bheil e a’ còrdadh ri Gaidheil òga. Ach ‘se a’ cheist an e pàirt de’n dualchas Gaidhealach a th’ann an rud a rinneadh anns na Stàitean Aonaichte ged a thathas a’ cleachdadh ar cànan?

Saoilidh mise gur e pàirt de’n dualchas a bhios ann fhathast. Bha sinn a riamh beagan na b’ eadar-dhealaichte nar measg fhèin na bha feadhainn againn son gabhail ris. Tha linntinn bho bha Gaidheil a rugadh ann an coilltean an iar a’ deanamh bàrdachd ann an cainnt a bhuineadh do dhùthaich nach iad fhèin neo am pàrantan a riamh.

Cha do thogadh Eduard Dwelly le Gàidh
 escrito por Mill a h-Uile Rud 

Escribir un comentario