
Mill a h-Uile Rud <millahuilerud>
| Komentuj |
| An dà chòmhlan 'punc' a tha a' seinn sa Ghàidhlig (19/3/2005) | 1136 dni temu | ||
An dà chòmhlan 'punc' a tha a' seinn sa GhàidhligSEONAIDH MACÀDHAIMH The Scotsman THA dà chòmhlan chiùil "punc" a sheinneas sa Ghàidhlig an impis cuairt a thoirt dhan Roinn Eòrpa - a’ Bheilg, an Òlaind, a’ Ghearmailt ’s a’ Phòlainn. Nochd clàir bhon dà chuid Oi Polloi agus Mill a h-Uile Rud san dà bhliadhna sa chaidh, anns an robh a’ Ghàidhlig air a cleachdadh ann am faclan nan òran, notaichean a’ chòmhdaich agus air an làraich-lìn. B’e ainm a’ chlàir aig Oi Polloi Carson? agus siud a’ cheist a bh’ agam dhan t-seinneadair, Alasdair MacChoinnich. "Thòisich sinn ri seinn ann an Gàidhlig bliadhna no dhà air ais oir bha sinn a’ smaoineachadh gun robh e gu math cudromach ar cànan a chur gu feum ’nar cuid chiùil oir bha sinn riamh air son taic ’s brosnachadh a thoirt do mhion-chultaran oir se rud math agus prìseil a th’ ann an iomadachd." Chan e dìreach an ceòl luath, neartmhor, beothail a tha gan sgaradh bho chàch ach na tha iad ag ràdh. Tha faclan MaHR gu mòr a’ deiligeadh ri feise. Chan eil càil as ùr ann a-seo, tha gu leòr bàrdachd aig na Gaidhil a tha ’n dà chuid àrsaidh ’s drabasta. Ach car son? Se Tim, a bhuineas do Sheattle, seinneadair MaHR. "Tha sinn beò ann an cultar a tha fhathast làn eagail ’s nàire a-thaobh feise. Tha e doirbh smaoineachadh air rud cho bunaiteach, cudromach ri saorsa-feise. Tha mi an dòchas gum bi latha ann nuair nach eil e iongantach a bhith a’ seinn mu dheidhinn feise." Fad bliadhnaichean tha cuid againn air a bhith den bheachd gu bheil Runrig ùr a dhith oirnn. Ach chan ann ás a’ Ghaidhealtachd a tha iad seo ach á Dùn Èideann ’s Ameireaga. Mur i a’ Ghàidhlig cànan am màthar car son a tha iad ga cleachdadh? Tim a-rithist. "An uair a dh’ionnsaich sinn Gàidhlig, chuir sinn còmhlan Gàidhlig air dòigh gun a bhith smaoineachadh gur e rud àraidh no neònach a bh’ ann idir. Tha e fada nas spòrsaile bhith seinn sa Ghàidhlig ’s tha a’ phlanaid loma-làn chòmhlanan-ciùil Beurla." Dè bu mhath le Tim cluinntinn ’nar cànan? Leithid Iain Lom ann an dreach as ùr? "Tha feum againn air barrachd ciùil ùir. Is dòcha gun obraicheadh hip hop gu math le cho cudromach ’s a tha bàrdachd ann an saoghal na Gàidhlig." Tha Niall Iain Dòmhnallach, prìomh ghuth a’ phrògram rèidio Rapal, dèidheil air ceòl punc na Gàidhlig cuideachd. Chan ann air lùths a’ chiùil a-mhàin a tha e measail ach onarachd nam facal. "Is toil leam cumhachd na h-òrain ’s gu bheil iad, anns a’ chumantas, air an clàradh ann an dòigh robach, amh, agus gu bheil e follaiseach gu bheil iad a’ faireachdainn a h-uile facal a bhios iad a’ seinn." Cha mhotha gu bheil Niall Iain frionasach mu bhrìgh nam facal aig MaHR. "Chan eil e a’ cur dragh sam bith ormsa g’eil iad a’ seinn mu feise ’s poileataigs. Se rud nàdarrach a th’ ann am feise - tha sinn an-seo air a sgàths! ’S bha còmhlain riamh a’ seinn mu poileataigs! "Tha an cothrom aig còmhlain ùra Gàidhlig mar na dhà seo a bhith gu math cudromach ann an saoghal nan Gaidheal. Tha an t-uabhas de dh’òrain ’s ceòl Gàidhlig a’ nochdadh ann an stoidhle tradiseanta ’s chaidh a’ mhòrchuid dheth a sgrìobhadh bho chionn bliadhnaichean! Ged se dualchas luachmhor a th’ anns na h-òrain sin car son nach fhaod daoine a bhith a’ clàradh òrain Gàidhlig ùr ann an cruth pop, reggae, indie, punc-roc neo rud sam bith eile?" Tha MacChoinnich a’ coimeas cor nan Cuimreach. "Tha an t-uabhas chòmhlain-ciùil roc acasan a tha a’ seinn sa Chuimris. Tha feadhainn ac’ air a bhith gu math soirbheachail." Dh’fhaighnich mi do Niall Iain car son nach eil òigridh nan eilean a’ dèanamh càil an-diugh coltach ri Oi Polloi, MaHR no eadhon Runrig. "Se ceist dhuilich a tha sin. Tha mi fhèin den bheachd gur e as coireach nach eil còmhlain ann a leanas iad mar eisimpleirean. Tha feum ac’ air role models. Math | |||
| opublikowane przez Mill a h-Uile Rud | |||
| Komentuj |
