
Na Gathan <na-gathan>
"Lasanta!"
| Leabhar-latha an Turais - Glaschu/Steòrnabhagh | 563 dni temu | ||
| Didòmhnaich 18 An Cèitean 2008 Shockers, Sràid Midland, Glaschu - còmhla ri Red Eyes, the Eddies agus Auslander Òrain: Ga Bruidhinn Làn Ùine, Mo Nighean Dubh Bhòidheach, Gus an Tig an Latha, Ruigidh Sinn Màrs, Cò an Sradag a-Nochd?, Ròcamaid. Dh’fhàg sinn madainn Didòmhnaich is chaidh sinn don cholaiste an toiseach airson an stuth ann an oifis Thimidh fhaighinn ach gu mì-fhortanach tha Timidh air fàs cho sean sna làithean sa gun do dhiochuimhnich e iuchair na h-oifis. Doh! Co-dhiù, bhris sinn sìos an doras le ceithir karate kick gathanmhor, thog sinn an t-sionth is an uair sin dh’fhàg sinn an t-eilean gu ceart. An dèidh èisteachd ris na pumpin’ toons (agus beagan Runrig!) air an rathad ràinig sinn a’ Eurohostel tràth san fheasgar is abair gur e ostail fìor ròcmhor a bh’ ann. Ghabh sinn cuairt timcheall a’ bhaile mhòir, coltach ri ceithir hillbillies anns a’ bhaile airson a’ chiad trup, agus an uair sin bha sinn deiseil a RÒCADH.... ACH gu mì-fhortanach cha robh ‘Rockers’. Bha fear an dorais na fhìor gehoink is cha do leig iad leinn fiù ‘s an stuth againn a thoirt a-staigh gus an robh e fhèin sàsaichte. Nuair a fhuair sinn a-staigh aig a’ cheann thall, bha an luchd-obrach a cheart cho càirdeil ‘s a bha an gloic aig an doras. Ach tha sinne cho cruaidh is tuff gun do rinn sinn soundcheck a’ càineadh a h-uile mac màthar dhiubh anns an àite.....ach bha e ann an Gàidhlig is cha robh iad gar tuigsinn so ma dh’fhaoidte nach eil sinn cho tuff sin! Thòisich ar luchd-leantainn a’ sruthadh is a’ dòrtadh a-staigh, a’ bualadh an dorais, a’ sabaid leis a’ bhouncer is a’ sgreuchail “NA GATHAN!! NA GATHAN!! WE WANT NA GATHAN” - well ‘s e sin a rinn Babs co-dhiù! Cha do nochd an t-uabhas feumaidh sinn aideachadh ach an fheadhainn a nochd thàinig iad gar faicinn-ne gun teagamh oir cha do tharraing na còmhlanan eile mòran a-staigh idir. Cha b’ e an gig a b’ fheàrr a chluich Gregidh ach chòrd e math gu leòr le càch. An dèidh cluiche, choimhead sinn na còmhlanan eile agus bha iad glè mhath, ach bha sinne dìreach ag iarraidh faighinn a-mach à ‘Rockers’ agus air falbh o shamh uabhasach na dileig a bha na bhroinn. Chaidh sinn don phub an ath dhoras far an robh iomadh superfan na Gathan a’ feitheamh oirnn, mar Babs, Pinny, Caxy, Alasdair Beag Bìodach, Scottaidh nas Bige nas Bìodaiche agus bha iad gar fìor mholadh ged a bha fios againn fhèin nach e gig uabhasach math a bh’ ann. Aig deireadh na h-oidhche, an dèidh beagan emotional blackmail agus temper tantrums rocmhor bho Ghregidh, (‘s e an cò-là-breith aig Greg còir a bh’ ann is cha robh gin dhe na so-called “pals” spìocach mosach aige son a dhol a-mach còmhla ris, smaoinich!) chaidh Greg is Kathryn is Tomaidh dhan Gharaids (Glasgow's finest, ahem, nitespot) agus shìorraidh nach e a tha fiù ‘s air fàs nas miosa (ma tha sin comasach) na bha e o chionn deich bliadhna - and that’s really saying something. Rinn sinn beagan dannsa (Tòmaidh tilgeil a-mach na shapes grùbhaidh a-rithist) is dh’òl sinn beagan watered-down vodka is cha b’ ann gus an uair sin a bha Gregidh sàsaichte gu robh birthday math air a bhith aige. Rinn sinn air an Eilean Sgitheanach an ath latha agus fios againn nach tèid sinn air ais a Rockers na galla gu sìorraidh bràth. Diardaoin 29 An Cèitean 2008 Rapal TV, ann an Studio Alba, Steòrnabhagh, Eilean brèagha Leòdhais - còmhla ri Calamateur agus Manor Park Elite Òrain: Gus an Tig an Latha, Ruigidh Sinn Màrs, Ga Bruidhinn Làn Ùine, Ròcamaid Nise, cha robh turas Rockers cho math ‘s a dh’fhaodadh e bhith, ach bha an turas seo gu tur eadar-dhealaichte. Dh’fhàg sinn Slèite ann am meadhan na h-oidhche (well, seachd uairean sa mhadainn really, ach caran ro thràth airson Greg), agus rinn sinn air a’ bhàta ann an Ùige, airson an latha as exciting ann an eachdraidh nan Gathan gu ruige seo, a dhol a-null a Steòrnabhagh a chlàradh 4 òrain airson an teilidh! Wowsers! Ràinig sinn BAILE MÒR RÒC mu mheadhan latha is chaidh sinn dhan studio far an d' fhuair sinn, wait for it.... dressing room againn fhèin agus far an do thachair sinn ri Anndra còir agus sgioba Rapal agus fhuair sinn tour timcheall a’ stiudio. Ghabh sinn greim bidh agus an uair sin rinn sinn agallamh beag le Niall Iain a chaidh glè mhath. An dèidh soundcheck, agus dealbh ‘lasanta’ a thogail, bha againn ri dhol dhan studio gu ceart airson a’ spot againn a chlàradh, agus abair thusa gu robh an studio fhèin dìreach a’ coimhead sgoinneil fhèin math. An dèidh false start no dhà, rinn sinn na h-òrain uile ann an aon take cha mhòr agus bha an ceathrar againn gu math toilichte leis na rinn sinn, tha mi an dùil. Nach bochd gum bi againn ri feitheamh gus an ath-bhliadhna airson fhaicinn air an teilidh a-nis. Choimhead sinn na còmhlanan eile agus nach iad a bha dìreach math dha-rìreabh, ged a bha eagal air feadhainn san èisteachd nuair a thòisich Calamateur air òrain car hexy a sheinn mu dheidhinn Ìosa Chrìosd! Agus chan eil mòran as urrainn dhut a ràdh mu dheidhinn Manor Park Elite ach gu robh iad ridiculously math. Gu mì-fhortanach, fhad ‘s a bha iad a’ coimhead na còmhlanan eile chuir Greg is Kathryn crìoch air bocsa fìon eatarra fhèin a dh’fhàg cuideigin gòrach sa dressing room aca, agus bha a h-uile duine an uair sin deiseil a dhol air splaoid air baile mòr Steòrnabhaigh. Chaidh sinn uile còmhla ri Marie dhan ‘Open Mic Night’ ann an MacNeill’s ach cho luath ‘s a chaidh sinn ann dh’fheumadh MacNeill’s ainm na h-oidhche aca atharrachadh gu h-oifigeil gu ‘Kathryn’s Mic Night’ oir bha e follaiseach nach faigheadh duine sam bith eile greim air a’ mhicrophone bhon uair sin! Ach nach i bha math agus bha an luchd-èisteachd dìreach air an glacadh leatha, eadar an t-seinn agus na stinkbombs!! Mar fhìor rocairean chum Marie is Kathryn is Greg orra ag òl is a’ seinn gu còig uairean sa mhadainn aig flat Mharie - tha mi cinnteach gu robh na nàbaidhean aig Marie dìreach air an dòigh fhèin leatha an ath latha. Dh’fuiling Greg is Kathryn ròc hangover na galla an ath latha mar bu chòir ach chum Timidh is Tòmaidh iad a’ dol fad an latha leis na h-òraidean aca air poileasaidh cànain is a leithid - an dearbh rud a tha dhìth air cuideigin a tha gus bàsachadh le ceann goirt! Co-dhiù, dh’fhàg sinn Eilean Leòdhais is thill sinn a dh’Eilean a’ Cheò, agus fadachd air na Gathan uile gus an ath adventure againn...... | |||
| 0 komentarzy | |||
| Leabhar-latha an Turais | 681 dni temu | ||
| Diardaoin, 31 Am Faoilleach 2008 Spirit Bar, Glaschu, còmhla ri Oi Polloi, Les Ramoneurs de Menhirs, agus Ceasefire Òrain: Ga Bruidhinn Làn Ùine, Mo Nighean Dubh Bhòidheach, Fali Rò Fali Rè, Ruigidh Sinn Màrs, Cò an Sradag A-Nochd?, Cho Seachd Searbh dhe Na SAA! Mar a bha na naidheachdan a’ gealltainn thòisich an turas againn le rathaidean fuar sleamhainn a’ gheamhraidh, agus abair thusa gu robh e doirbh, air cùl a’ chuibhle air rathad Chluainidh a’ feuchainn ri smachd a chumail air a’ chàr san t-sneachd fhad ‘s a bha Ruaraidh Atomgevitter ann an cùl a’ chàr a’ bruidhinn gun sgur mu dheidhinn na h-obscure idols aige bho na 1980s mar Mhìcheal Barrymore, Seumas Saville, Gary Gleansach, agus a’spòg-slaodaidh (wanking claw?) aig Jeremy Beadle, nach maireann! Ach co-dhiù no co-dheth ràinig sinn Glaschu, baile mòr nan Gàidheal, agus an dèidh pinnt no trì bha neart is spionnadh gu leòr againn airson ròcadh a-mach aig a’ chiad chuirm-chiùil againn. Thòisich an set gu math le seann chrowd pleaser, ‘Ga Bruidhinn Làn Ùine’, agus lean sinn oirnn le ‘Mo Nighean Dubh Bhòidheach’ agus Kathryn a’ bualadh nan drumaichean aig astar cho luath ‘s gu robh beagan ceò ri fhaicinn tighinn à corragan Ghreg is e feuchainn ri cumail suas rithe. Thug Tim rabhadh do na puncairean mun ath òran againn, ‘Fali Rò Fali Rè’, oir ‘s e fìor classic power ballad a th’ ann, rudeigin nach còrd ris a’ mhòr chuid dhe phuncairean an latha an-diugh ach chòrd e ris na bha an làthair gu mòr. Chum sinn oirnn le trì òrain ùr againn, ‘Ruigidh Sinn Màrs’, a tha stèidhichte air beatha an t-sàr Ghàidheil sin E.T, ‘Cò an Sradag A-Nochd?’, agus chuir sinn crìoch air an t-set leis an dreach sgoinneil againn dhe ‘I’m So Bored With The USA’ leis a’ Chlash, ‘Cho Seachd Searbh dhe na SAA.!’ - deagh chrìoch air fìor dheagh debut. Agus tha sinn fhathast gu mòr an comain nan Superfans againn a bha an làthair an oidhche sin, a leithid Neacag, Calum a’ Chactus, Donnie P, Babs, JT the Love Machine, Eilidh Bheag, Big Jon, etc. Fhuair Nicola a’ bhròg bhon dreuchd aige mar merchandise girl ge-tà oir bha a’ merchandise fhathast san Eilean Sgitheanach! Chuir Les Ramoneurs de Menhir agus Oi Polloi crìoch air oidhche mhath dha-rìreabh le sets a bha, ann am faclan Deek fhèin, dìreach fuckin sgoinneil. Dihaoine, 1 An Gearran 2008 East Neuk Bar, Obar Dheathain, còmhla ri Oi Polloi, Les Ramoneurs de Menhirs agus Billy Liar Òrain: Ga Bruidhinn Làn Ùine, Mo Nighean Dubh Bhòidheach, Ruigidh Sinn Màrs, Cò an Sradag A-Nochd?, Ròcamaid, Cho Seachd Searbh dhe Na SAA! Dh’fhàg Tim is Tomaidh tràth is iad a’ coinneachadh ri Oi Polloi agus Les Ramoneurs de Menhirs san fheasgair ann an Glaschu agus iad uile a’ siubhail am broinn bhan a’ bhèiceir eadar Glaschu is Obar Dheathain. A rèir coltais bha 18 duine sa bhan agus cha do chuir ach dithis a-mach, cha robh sin cho dona. Dh’aontaich Greg is Kathryn nach do bhuannaich iad na punc ròc stripes aca fhathast agus nach robh iad airidh air cothrom siubhail ann a’ bhan a’ bhèiceir fhathast (aon latha ma dh’fhaoidte), mar sin, thàinig iad dhan cho-dhùnadh doirbh gum b’ fheàrr leotha draibheadh suas ann an càr, a’ suidhe air sèithrichean blàth is cofhurtail, ag èisteachd ris a’ rèidio, etc, - it’s a tough life. Nuair a ràinig sinn uile an East Neuk, mhothaich sinn gur e tough gig a bha romhainn an dèidh set dìreach sgoinneil bho Billy Liar, agus an t-àite dìreach làn phuncairean ceart. Thòisich sinn fhèin a-rithist le ‘Ga Bruidhinn Làn Ùine’ agus ‘Mo Nighean Dubh Bhòidheach’. ‘S ann aig an àm seo a choisich amadan air choireigin à Eilean Leòdhais air an àrd-ùrlar agus e a’ feuchainn ri breith air na làmhan againn fhad ‘s a bha sinn fhathast ann am meadhan a’ set againn! - thuirt cuideigin gur e seann charaid do Ghreg a bh’ ann ach tha Greg fhathast a' dol às àicheadh na casaid thàmailteach sin! An dèidh cuidhteas fhaighinn dhen intruder sin chum sinn oirnn le ‘Ruigidh Sinn Màrs’, Cò an Sradag’, ‘Ròcamaid’ agus ‘Cho Seachd Searbh’. Dh’fhàg sinn ‘Fali Ro’ às an t-set air sàilleabh ‘s gu robh guth Thim a’ fàiligeadh air rud beag is am fuachd ag obair air. Bha coltas air na puncairean gu robh iad a’ fàs na bu dèidheil oirnn, beag air bheag, mar a leanadh sinn oirnn tron t-set agus ‘s e fìor crowd-pleasers a bh’ ann an ‘Cho Seachd Searbh’ agus gu h-àraidh ‘Ròcamaid’ agus aig a’ cheann thall ‘s e gig an ìre mhath soirbheachail a bh’ ann. Thàinig an oidhche gu crìoch le dà set dìreach fucking sgoinneil a-rithist bho Les Ramoneurs.... agus Oi Polloi. Disathairne, 2 An Gearran 2008 Henry’s Cellar Bar, Dùn Èideann, còmhla ri Oi Polloi, Les Ramoneurs de Menhirs Òrain: Ga Bruidhinn Làn Ùine, Mo Nighean Dubh Bhòidheach, Ruigidh Sinn Màrs, Cò an Sradag A-Nochd?, Ròcamaid, Cho Seachd Searbh dhe Na SAA! Ràinig Greg is Kathryn Dùn Èideann mu 3:00 feasgair agus chosg iad fad an fheasgair a’ draibheadh ann an cearcall timcheall Dhùn Èideann le gearbox fucte agus fàileadh annasach a’ tighinn bhon chàr (well, tha mi an dùil gur e an càr is chan ann bho thòin Kathryn fhèin a bha am fàileadh a’ tighinn). Mu dheireadh thall, lorg iad Henry’s Cellar, am falach air Sràid Mhoireasdan. Abair àite sgoinneil airson gig. An dèidh a’ soundcheck as fhaide ann an eachdraidh ceòl ròc leis na Ramoneurs, fhuair sinn fhèin cothrom a’ ròcadh a-mach agus abair gun do chòrd e rinn fhèin agus ris an luchd-èisteachd cuideachd. Bha tòrr friendly faces ann cuideachd airson taic a thoirt dhuinn, mar Aonghas Bhorbh, Eilidh Bheag a-rithist, Ruairidh, Chris, Daz Jazz, agus thug e mòran brosnachadh is togail dhuinn a’ faicinn nan Gàidheal an làthair. Smaoinich Greg gur e seo an gig as fheàrr gun teagamh sam bith, nuair a chluich sinn gu math is a fhuair sinn tòrr air ais bhon luchd-èisteachd sgoinneil. Gig dìreach math dha-rìreabh. Ghabh sinn beagan phinntean agus thog sinn oirnn air ais don Eilean Sgitheanach làn dòchais gun cluich Na Gathan a-rithist air an àrd-ùrlar ann an ùine nach bi fada. | |||
| 7 komentarzy | |||
| Faclan nan Òran | 698 dni temu | ||
| Mo Nighean Dubh Bhòidheach Latha bhon dè, bha mise sona, A' cadal ri do thaobh. Latha bhon dè, bha thusa gealltainn, Gun tigeadh tu an-diugh. A' tighinn air an ordaig, Bruis fhiaclan na do phòca, Gum fuirich tu an seo, Gu bràth, gu bràth... He ri re, mo nighean dubh bhòidheach! Sin thu fhèin a' teannadh dhachaigh, Cas-ruisgt' air an tràigh. Sin thu fhèin, do shùilean mòra, Cuaintean mìle bàidh. A' tighinn air an ordaig, Bruis fhiaclan na do phòca, Gum fuirich tu an seo, Gu bràth, gu bràth... He ri re, mo nighean dubh bhòidheach! Thachair mi ri nighean a' togail smeuran taobh an rathaid. Is milis leam do phògan. Gun tilleadh tu an-dràsd'! Fali Ro Fali Re Nam sheasamh aig a' chidhe, Fhad 's a bha an saoghal a' dol glas. Deich latha 's ceithir mìosan, Cha do thill na dathan fhathast. Ciaradh an fheasgair, Tha an solas dheth anns an uinneig. Suas an starain, 's cha robh thu ann, 'S theab mi rànail. Fali ro fali re A' tuiteam às a chèile, Tro thrannsaichean falamh ann am Port Adhair Heathrow, Thàinig tu nad aingeal, Fo chraobhan eucalyptus ann am Port Adhair Santa Rosa. Ruigidh Sinn Màrs Thuirt mi riut gu bheil mi cràicte Mu do dheidhinn is mu do chainnt Nach sgiob sinn sgoil an-diugh an-dràsta Cha tèid sinn ann gu sìorraidh bràth Thoir dhomh do làmh Nì sinn air na speuran Gàidhlig ar cainnt Ruigidh sinn Màrs Thàinig crìoch air ar samhradh Nochd am bàta anns a' bhàigh Dh'fhalbh mi gu saoghal eile Is tu nad aonar air an tràigh Thoir dhomh do làmh Thoir dhomh do làmh Thoir dhomh do làmh Is ruigidh sinn Màrs Cò an Sradag A-nochd? Thig air ais dhachaidh, nighean, tha mi gad iarraidh, An dòigh a nì thu dannsa, chan fhaigh na mo chadal, A-nochd... An darna cuid dona, an cuid eile brèagha, Mì-mhodh na do shùilean gam fhàgail às mo rian, Mar tha... Cò an sradag a-nochd! Is tu a tha! Is tu an aon nighean ann an club làn dannsa, Is tu an aon nighean a shàbhladh m' oidhche, Le gràdh... do ghràdh! Chuir thu seun orm le do phòg mhìn mhilis, Chan fhaca mi an nighean cho àlainn na mo bheatha, Ri seo... Cò an sradag a-nochd! Is tu a tha! Ba, ba, da, ba. Dannsa mar an lasair ann an dreasa bheag dhearg, An dèan sinn ceum eile air an rathad air ais dhachaidh, An-dràsta... Thig air ais dhachaidh, nighean, tha mi gad iarraidh, An dòigh a nì thu dannsa, chan fhaigh na mo chadal, A-nochd... Cò an sradag a-nochd! Is tu a tha! Ga Bruidhinn Làn Ùine Nach eil thu mìorbhaileach, a' cagar ri mo thaobh, Sochair 's tarraingeach mar oiteag anns a' chraobh, A cuireadh sgàth air luchd na Beurla,* Cànan nam bàrd ri chluinntinn anns an t-sràid. Ga bruidhinn làn-ùine! Stad mi aig a' phraban air an rathad gu do thaigh, an dùil ri mo charaidean 's riutsa blàth a-staigh. Abair ùpraid a’s a' bhar! Cànan nam bàrd gu gormadh an latha. Ga bruidhinn làn-ùine! Laigh rium dlùth. Innis dhomh do rùn. Is tu mo charaid 's mo ghaol. Ga bruidhinn làn-ùine! Bidh mo charaidean air fad, Bruidhinn bragail 's gun stad. Tha sinn coma cuin 's càit. Bàs na Gàidhlig thall' ‘s fuc! Chan eil deireadh air an rathad, 's an saoghal mòr fosgailt' ri ar beul! * Loidhne air a ghoid air Iain Lom. Ròcamaid Ceòl cho trom gun spothadh e càmhal, Caraidean tighinn 's caraidean fàgail, Tha an taigh cho trang ri triùir sa leabaidh. Oi Polloi aig cùl a' ghàrraidh, Cuid ri danns' 's cuid ri suirghe, Is math an rud nach tig am poileas. Nach eil mi gleansach? Nach eil thu pògmhor? Bidh sinn nar rionnagan a-nochd! Ròcamaid, he, he, nach danns sinn fad na h-oidhche? Ròcamaid, he, he, nach ròc sinn fad an latha? Fo ghealach mhòr air dath na fala, Oidhche shamhraidh air a' mhachaire, Gheibh sinn ar miann-ne gun nàire. Blas na mara air do phògan, Sàl 's gainmheach air do spògan, Gun lean a' phartaidh seo gu sìorraidh. Cho Seachd Searbh dhe na SAA! leis a' Clash Yankee, ur saighdear Ceusta ann an Irac Ri cogadh airson ola 'S easan anns a' chac Yankee, ur n-airgead Le deachdairean na cruinne Sgillinn dha na pìobairean Gun seinn iad ur fuinn. Cho seachd searbh dhe na SAA! Ach dè an cothrom air? Yankee, ur dìobhairt Daonnan air an T.Bh Cabadaich Ameireaganach Chan fhaighear cuidhteas i. Glaoiceireachd agus amaideas Ur cànan mar a' phlàigh Ur cultar falbh 's sanntach Agus thèid sinn na aghaidh! Gabh ort Starsky Dhan C.I.A. Sin thu Kojak Dha na SAA. Briseadh an Lagh! Le Sagairt Iudais 'S ann a bha mi cho seachd searbh, 'S a' cadal air an t-sràid. Cha robh dùil no dòchas agam, 'S a' siubhail bho àite gu àite. Cinnteach nach robh diù a' choin, Gun robh mi ri uchd bàis. Ceart cho math dhomh beagan spòrs, A ghlacadh na mo latha! Briseadh an lagh, briseadh an lagh! Sin agad na làithean geala, Cha d'fhuair mi dad ach bròn. Bha mo chridhe pronn 's briste, Droch chàs air mo thòir. Chan eil eòlas agad air, Seo nach aithne dhut. Nam àite bhiodh tu cosmhail rium, 'S a' dèanamh an dearbh rud! Briseadh an lagh, briseadh an lagh! Chan eil fios agad air!!! Briseadh an lagh, briseadh an lagh! | |||
| 0 komentarzy | |||