GayGaels <gaygaels>

"Pròis!"

Page 1 of 2  1  2  Next >>> 
Naidheachdan Pinc: Sianar gèidh air am murt ann an Irac232 days ago
 
Tha dithis marbh ann an Sadr City, roinn Shiite dhe Bhaghdad, air sgàth ’s clèir ionadail a dhìt co-sheòrsachd agus tha e air nochdadh gun deach ceithrar a bharrachd a mhurt sa Mhàrt... http://tinyurl.com/cf8923
 0 Comments 
Naidheachdan Pinc: Bile Gnè Manainneach air gluasad air adhart254 days ago
 
Tha bile ùr gus an t-Eilean Mhanainn a thoirt gu ìre an Rìoghachd Aonaichte a-thaobh poileasaidh gnè air faighinn tron a' chiad ceum dhen Comhaire Lagha.... http://tinyurl.com/as3g3e
 0 Comments 
Naidheachdan Pinc: Deasbad mu dhaoine gèidh a’ toirt seachad fala255 days ago
 
Thèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air an casg a th' air fireannaich gèidh agus dà-ghnèitheach bho bhith a' toirt seachad fala.... http://tinyurl.com/dd7j5p
 0 Comments 
Naidheachdan Pinc: BPA a’ toirt taic do lagh an-aghaidh eucoirean gràineil256 days ago
 
Tha lagh ùr gus brìgh eucoirean gràineil leasachadh a bhith a’ toirt a-steach gràin nan co-sheòrsaich air gluasad air adhart ann an Alba... http://tinyurl.com/dlhhgu
 0 Comments 
Naidheachdan Pinc: An Eaglais Chlèireach a’ deasbad aonaidhean aona-ghnèitheach284 days ago
 
Tha Eaglais Chlèireach nan Stàitean Aonaichte air comataidh ùr stèideachadh gus sgrùdadh a dhèanamh air dè an t-àite a bu chòir a bhith aig aonaidhean aona-ghnèitheach sa Chrìosdachd agus sa choimhearsnachd san fharsaingeachd... http://tinyurl.com/an8bt3
 0 Comments 
NP: Caitligich Albannach: co-sheòrsachd ag adhbharachadh bàis tràtha298 days ago
 
Tha an Eaglais Chaitligeach ann an Alba air ionnsaigh a thoirt air co-ghnèithich agus leasbaich a-rithist.
“Tha an t-uamhas de fhianais ann a tha a’ sealltainn gu bheil càirdeis aona-ghnèitheach neo-sheasmhach gu dualach agus gun tèid dùil-bheatha nan daoine a tha an sàs ìsleachadh,” arsa neach-labhairt an eaglais, Peter Kearney...

http://tinyurl.com/dm5elp
 0 Comments 
NP: Luchd-LGBT a' togail casaid an-aghaidh Riaghaltas Bharain298 days ago
 
Tha luchd-LGBT ann am Bahrain a’ togail casaid an-aghaidh an riaghaltas san dùthaich as dèidh dhaibh bacadh a chur air lìn-sòisealta LGBT...

http://tinyurl.com/crrofr
 0 Comments 
NP: Athchuinge airson pòsadh LGBT air a thoirt gu Pàrlamaid na h-Alba311 days ago
 
Chaidh iomairt ùr a chur air bhog ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt gus cead-pòsaidh slàn a thoirt do luchd-LGBT... http://tinyurl.com/8t6lau
 0 Comments 
Sgeulachd Ùr: Arizona air bhòtadh airson bacadh a chur air pòsadh-LGBT383 days ago
 
Tha an Associated Press ag ràdh gu bheil luchd-bhòtaidh ann an Arizona air bhòtadh airson bacadh a chur air pòsadh-LGBT.

http://ping.fm/IB6AT
 0 Comments 
Sgeulachd Ùr: 18,000 air phòsadh ann an California ron bhòt airson Proposition 8383 days ago
 
Tha ionad-rannsachaidh anns na Stàitean Aonaichte air ràdh gu bheil còrr 's 18,000 daoine air phòsadh ann an California o chionn 17mh dhen t-Òg Mhìos 2008 nuair a rinn na h-ùghdarrasan pòsadh-LGBT na lagh.

http://ping.fm/3eQH4
 0 Comments 
Page 1 of 2  1  2  Next >>>